Capercaillie - Mo Run Geal Og текст песни

Все тексты песен Capercaillie

Och a Thearlaich og Stiubhart
'Se do chuis rinn mo leireadh
Thug thu 'uam gach ni bh'agam
Ann an cogadh 'nad aobhar
Cha chrodh is cha chaoraich
Tha mi 'caoidh ach mo cheile
O'n la dh'fhag e mi 'm aonar
Gun sion san t-saoghal ach leine
Mo run geal og

Bu tu fear mor bu mhath cumadh
O do mhullach gu d' bhrogan
Tha do shlios mar an eala
'S bias na meala air do phogan
D'fhalt dualach donn lurach
Mu do mhuineal an ordugh
'Se gu camalubach cuimir
Gach aon toit urram d'a bhoidhchead
Mo run geal og

O gur mise th'air mo sgaradh
'S ged do chanam cha bhreug e
'S iomadh te bha 'm banntrach
Nach tug __ dhut fheine
Fear do cheile 's do thuigse
Cha robh furasd ri fheudainn
'S cha do sheas an Cul-lodair
Fear do choltais bu treine
Mo run geal og

Och nan och, gur mi bochdag
'S mi lan osnaich an comhnaidh
Chaill mi duil ri thu thighinn
Thuit mo chridhe gu dortadh
Cha tog fidheall no clarsach
Piob no taileasg no ceol e
Nis o chuir iad thu'n tasgadh
Cha duisg caidreabh duin' oig mi
Mo run geal og

Bha mi greis ann am barail
Gun bu mhaireann mo cheile
Is gun tigeadh tu dhachaidh
Le aithghearr 's le aoibhneis
Ach tha'n t-am dhol thairis
'Is chan fhaic mi fear d'eugais
Gus an teid mi dhan annart
Cha dealaich do speis rium
Mo run geal og

ДОБАВИТЬ ТЕКСТ В ЛИЧНЫЙ СПИСОК

Комментарии

Имя:
Сообщение: